History
Sealladh Feasgair Samhraidh&..
| Sealladh Feasgair Samhraidh&.. |
|
|
|
|
Seach gu bheil am feasgar blàth, ar n’obair-latha seachad ‘s gun an còrr an urra rinn nach gabh sinn ceum air ar socair gu mullach cnoc àraidh gus an cuir sinn urram aon uair eile air an t-sealladh ro-phrìseil a tha air a ghealltainn don fhear a ghabhas an trioblaid gu dìreadh chun a' mhullaich. Cha ghabh an sealladh a bhith air innse airson maise; oir ge be dè cho deas-bhriathrach is a tha neach, nuair a thig e gu dealbh-an-cainnt a dhèanamh air nàdar is air a bòidhchead cha tig e ach glè, glè ghoirid air na tha fa chomhair a shùil; is le sin, fàgaidh sinn an dealbh sin aig Meomhair is Mac-meanmainn ri chur an cèill, is cumaidh sinn ar n-aire air ainmean nan àitean as aithnichte a bhios far comhair. Chan eil an dìreadh cas air rathad sam bith ach bho nach eil cabhaig oirnne gabhaidh sinn ceum shocair a' phàigheadh latha suas gu Buaile Chaluim Ghobha is à sin suas an t-earr chun a' mhullaich far am faigh sinn pàigheadh glè mhath air son ar saothair oir tha an àile ghlan gun cheò-teas, gun deathach, a' gealltainn sealladh fada is farsainn dhuinn agus is e mo bharail nach bi e dad goirid air ar dùil. Tha sinn a-nis aig an fhìor mhullach aig an lic air am bidh clann an àite a' lasadh teine aig am crùnaidh, iubili is fèillean nàiseanta sam bith. Chì thu gu bheil an leac air a losgadh gu math is gach nì beag air nach deargadh an teine fhathast na laighe mun cuairt oirre. As ar dèidh, tha gach nì gu sàmhach ciùin aig a' bhaile; ceò nan taighean ag èiridh gu socair is a' lùbadh anns an oiteig fhann a tha tighinn bhon ear. Tha na feannagan coirce gu trom uaine is na raointean buntàta nas truime fhathast ann an dath. Tha na cnuic is na liantagan fo bhrat iomadh-dhathach le neòinean, lus an oir is iomadh flùr maiseach eile. Aig a' mhonadh far comhair tha gach nì gu socair sàmhach; na leòidean air an còmhdach le fraoch uaine a bhios, ann an seachdain no dhà eile, na ghlòir de dìtheanan is de ghucagan bòidheach dearga. Is e sin an t-àm sam bu chòir do choigrich is do neach sam bith a tha airson ar cnuic ‘s ar glinn fhaicinn an àirde am maise, an t-àite a thadhal, oir chan eil sealladh nas bòidhche ri fhaighinn san rìoghachd na beanntan is cnuic na Gaidhealtachd nuair a tha am fraoch fo bhlàth. Ach tha sin car an aghaidh na thuirt sinn san dol a-mach is, le sin, air ais chun a' ghnothaich ri làimh - ainmean nan àitean a bheireadh cùrsa don fhear siubhail; agus dè 'n dòigh as fheàrr air sin a dhèanamh na cùrsa na grèine a leantainn agus na h-àitean comharraidh seo ainmeachadh mar a thig sinn thuca? Seo ma tha, bho thuath gun ear 's mar sin air adhart 's air ais a-rithist gu tuath. Ri coimhead gu tuath tha a' mhòintich a' sgaoileadh cho fada sa chì sinn gun ear is gun iar. Tha i air a "tolladh" an siud ‘s an seo le lochan uisge, do-chunntais, eadar beag is mòr. Cha toir sinn aire sam bith dhaibhsan, oir ‘s ann tha ar gnothaich ris na cnuic as àirde is ri àitean eile a tha aithnichte do mhuinntir na sgìreachd gu lèir . Dìreach gu tuath oirnn tha Beinn Eitseal ag èiridh eadar sinn sna neòil, sna bailtean beaga tha aig a bun air an cumail seasgair tèarainte leatha bho neart na gaoithe tuath is bho chrannadh na gaoithe 'n ear. Eadar sinne is ise tha iomadh cnoc is tom is creagan ach tha aon dhiubh a ghlacas ar sùil; Èisteapar. An seo tha na feannagan, an diugh còmhdaichte le fraoch ach fhathast aithnichte dhuinne, nan dearbhadh air daoine is air àiteachas a dh'fhalbh agus nan comharradh air gu robh àm an eachdraidh an àite anns nach robh a luchd-àiteachaidh cho earbsach anns a' mhuir‘s a bha iad linntean an dèidh sin, no anns an rathad mhòr, is a tha iad an-diugh. Beagan gu tuath air Èisteapar tha Druim nan Caorach. Tha mi cinnteach gur gann sgìre sa' Gaidhealtachd gun a Dhruim nan Caorach fhèin is chan 'eil na cròileagain chaorach aig a bheil fios gu bheil leabaidh chruaidh thioram aca air a' mhullach, agus na h-uain a tha ri mire mun cuairt orra ri fàgail teagamh sam bith nar n-inntinn mu ciamar a fhuair an cnoc seo ainm. An ear orra siud tha "na trì beannaibh beaga dubha ann an cùl Èisteapar" - Sùbhal, Sòbhal is Stèiseal. Tha iad dubh gu dearbh is à seo gun choltas orra gu bheil mòran beathachaidh orra, ach tha na dròbhan chaorach is chruidh a chìthear air an slios a' dearbhadh gu bheil iad nan rathad fhèin a' cur ri crannchur luchd an àite. Air an culaibh- ‘s ann a chì sinn "Muirneag is Beanntan Bharbhais" a' togail an cinn os cionn chàich is tuigidh sinn gur fìor na thuirt am bard -"Gur tigh-soluis latha iad" dha rìreabh. Air èiginn chì sinn mar stob beag an carragh-cuimhne a thogadh do na gillean a chailleadh san chiad chogadh mhòr. Ri cumail oirnn gun ear tha air faire Gob na Circe ‘s gu deas air Rudha Airinis is an dèidh sin chì sinn, mar lach le aon isean na deigh Tabhaidh san Stùc. Cumaidh sinn oirnn sìos gu deas is ruigidh sinn Bun na Loch is na h-Eileanan. 'Se am fear sin a tha fo fhraoch Eilean Chalum Cille far am bheil eachdraidh ri 'g innse dhuinn gun do chuir an duine naomh sin air chois eaglais. Tha an làrach aice ri fhaicinn fhathast agus timcheall air tha an seann chladh far an robh sluagh na sgìre air an adhlacadh suas gu deireadh (?) an naodhamh linn deug. Mu choinneamh air taobh a deas an loch ged nach fhaic sinne e, tha Crobeag far an do chuir "Mairi Laghach" seachad a chuid mhòr de a beatha. Ri leantainn gu deas is gun iar thig sinn gu far a theirear an Dà Eiseal. ‘S ann den aon theaghlach gu cinnteach a tha an da chrualach so oir is coltach iad ra chèile agus is mi-choltach iad ri ni a tha mun cuairt orra. Airson greiseag thig sinn air ais gu "talamh trocair" nas fhaisge air làimh. Anns an aon ruith-sula sa th’againn air na h-Eisealan agus dìreach aig bonn a' chnuic seo fhèin tha blàr bog rèisg far nach robh mòran beathachaidh do bhruid chun am bliadhna fhèin, agus nan coisicheadh tu tarsaing air an-diugh rachadh tu fodha ann an tràthaich chun na glùine. Cha b' ann gun shaothair (is argumaid) a thàinig sin gu teachd. Dh'obraich muinntir glè chruaidh ann an uraidh; loisg iad am fraoch, sgaoil iad gainmheach is aol air an talamh agus an dèidh sin chuir iad fras clobhair is seòrsa feòir na dhà eile ann is chì sinn air ar son fhèin riadh na saoithreach a rinn iad. Fhuair iad cuideachadh airgid is misneachadh mòr bhon Riaghaltas airson na h-obrach. Chì sinn an ceann a-staigh na pàirce seo càrn, chan e, 'se th'ann tiùrr chlach. Sin làrach na muille- uisge mu dheireadh a bha ag obair san bhaile. An seann san òg taobh ri taobh agus mar a chì sinn cho tric a-measg a chinne-daonna an t-aosda air an leigeil seachad is air an cur air chùl, ach am bi barrachd ùine againn airson na h-òige sna nithean nuadh. Nach gabh sinn a-nis thairis air Àirde na Caillich ‘s gum faigh sinn an t-aiseag null air ais gu fearann na Pàirce is bheir sinn ruaig gu Beinn Uisinis is gu Crìonaig. Fagaidh sinn iadsan is gabhaidh sinn oirnn gun iar gus an ruig sinn Feiriseal. Tha, agus an fheasgar mar seo, a’ ghrian an còmhnaidh a' soillseadh air na creagan an taobh tuath na beinne seo, gan comharrachadh a-mach. Feumaidh e bhi gu bheil druis-uisge daonnan a' sùghadh orra. Ri cumail romhainn gun iar is e an ath bheinn gun tig sinn, Mòr Monadh, neo Beinn Mhòr na Pàirce. Tha trì crualaich na mullach is tha e air aithris, an dèidh do Mhac an t-Sronaich fear a mhurt aig crìoch na Hearadh, air son searrag (no pige) uisge-beatha, gun do chur e sneachda trom agus gun do choisich e an comhair a chuil anns an t-sneachda gu uamh a bha aige air mullach na Beinne Mòire!! Cha robh lorg air Sherlock Holmes no air an Doctair Watson san latha siud. Bha Frith na Pàirce gu h-iomlan fo fhèidh aig aon àm ach tha mòran dhith an-diugh fo chaoraich. Bhon Bheinn Mhòir leagaidh sinn ar sùil beagan is chì sinn Malasgair is Cleitir. Null air ais gu crìoch na Hearadh chì sinn Sithean an Airgid, agus "mus fàg sinn an saoghal, 'san toir sinn sgrìob do na Hearadh" faodaidh sinn smaoin a thoirt do na fir a chaidh fo iùil Mgr MacRath, maighistir-sgoile, a reubadh na Pàirce airson fearann fhaighinn dhaibh fèin a chumadh biadh rin teaghlaichean. Bha làithean cruaidhe aig daoine san àm ud, le cion fearann is do bhrìgh sin le cion bidh. Tha sinn a-nis tarsaing air Loch Sìophort far am faic sinn àrd bheinn an Eilein, an Cliseam 's ri taobh an t-Isean san Lang; ri leantainn gu tuath chì sinn pàirt de thalamh Frith Ath'n Linne, is nas fhaisge air làimh, Bharal ‘s a’ Bheinn Bhuidhe, far am faic sinn cho math sa tha a 'choille a chur Bòrd an Fhearainn beagan uine roimh'n chogadh ri fàs. An taobh a-muigh dhiubh tha Ròineabhal ag èiridh na cnap cruinn dubh os cionn chàich. Air an cùlaibh’san tha Beanntan Ùige ag èiridh nam balla-dian eadar sinn san Cuan Siar is tha Mialaiseal a' cumail càich dhiubh fo smachd. Tha sinn a-nis aig ceann ar turais is chan eil ann ach ceum gu Beinn Cheadraiseal is tha sinn air ais far 'n do thòisich sinn. Seall air a' ghrian a' soillseadh air na leacan-uaghach an cladh Sgiasgair; mar a bhios a' ghrian beagan nas ìsle is nas deirge saoilidh tu gur ann nan craos teine a tha cuid de na clachan. Tha iad car san aon rathad, ach nas tiamhaidh ann an solas na gealaich. Tha eathar no dhà rim faicinn a' dorghadh. Tha dhà air Àite na Beinne is te air Àite na Caillich; feumaidh e bhith gun tàinig beagan adaig, no coiteig a-steach air an reodhairt seo. Tha eathar eile a-staigh air Tòb Cheann Tarbhaigh ach is iongantach mur e linn leòbag a bhios aicese. 'Ille seall, an cliath bhradain a tha a’ cluiche air Camus a Bualt! Tha iad tiugh a-null chun na Gollaige. Nam biodh an oidhche na bu dhuirche bheireadh balach fear no dha dhiubh siud as a' Pholl Gorm a-nochd fhathast! Dh'fheuch sinn ri ainm (ceart no cearr?) a chur air na h-àitean a chunnaic sinn. Biodh gach neach againn a' dèanamh innse fèin air an t-sealladh a chunnaic e. Tha fios gu bheil fios againn uile air ainm a' chnuic a thug dhuinn sealladh cho luachmhor ach tha e cho fada bho thug e an cothrom an toiseach is nach eil e airson taing no urram sam bith. Se an taing as motha dh'iarras e gun tig daoine a dh' fhaicinn an t-seallaidh. Mur do thuig thu càite na sheas sinn, tha an crodh aig Cachleith' a' Gharraidh Dhroma, is mus crom sinn gan leigeil a-steach thèid sinn is bheir sinn sùil san dealachadh air Suidheachan Chaluim Sheoc. Fhuaireadh an artaigil seo, a chaidh a sgrìobhadh le Coinneach MacÌomhair nach maireann, bho Chomunn Eachdraidh Cheann a’ Loch. |
