Lochs Community Website
Home | Contact | Links

Events Calendar

June 2013
M T W T F S S
27282930311 2
3 4 5 6 7 8 9
10 11 12 13 14 15 16
17 18 19 20 21 22 23
24 25 26 27 28 29 30

Gallery

Title Picking the...
Image Picking the winning Ticket © D Morrison
Description Sally Howitt picking the winning ticket for the car 2007
Link view
HISTORYCOMMUNITYSPORTSTOURIST INFONEWS

Most recent

Home > History > Aimhreit 'Granaidh Smith'
Aimhreit 'Granaidh Smith' PDF Print E-mail
Is e samhradh 1859 a bh’ann agus bha balach òg, ceithir bliadhna deug a dh'aois, à Bail' Ailean ag obair air bàt’-iasgaich athair. Anns na làithean ud, bhiodh na bàtaichean a' dol suas a dh'Inbhir Ùige air tòir an èisg. Aon fheasgar Disathairne, an dèidh dha Dòmhnall ’s athair am bàta a cheangal an àirde ris a' chala airson an deireadh sheachdain, thug athair dha sgillinn leis an ceannaicheadh e rudeigin dha fhèin anns a’ bhùth. Leis an airgead cheannaich Dòmhnall ubhal; rud a bha cho annasach sna làithean ud ’s gun robh i glè phrìseil dha.

Air a shlighe air ais chun a' bhàta dh'fheuch balach òg à Inbhir Ùige ris an ubhal a thoirt bhuaithe. Cha robh Dòmhnall a' dol a leigeil le seo tachairt idir agus thug e ionnsaidh air a' bhalaich le neart gu lèir. An ceann mionaid neo dhà bha sabaid mhòr air tòiseachadh, le athraichean nam balach a' dol an sàs cuideachd. Ann am beagan ùine bha sgioba nam bàtaichean a bh' anns a' chala air a dhol sàs a chèile cuideachd, an dèidh dhaibh a bhith a' coimhead na bha a' gabhail àite le uabhas. Mar nach biodh sin gu leòr, cha robh e fada gus an robh muinntir baile Inbhir-Ùige iad fhèin a' faighinn blas dha na bha dol. Mu dheireadh, chaidh fios a chur air na poileis agus chaidh falbh le cuid de bhalaich Leòdhais dhan a' phrìosan.

Am feasgar sin dh'fhalbh Dòmhnall MacLeòid (Dòmhnall Ruairidh), 10 Lacasaigh, a bha gu math fiadhaich leis cho mì-chothromach 's a bha tachartasan an latha air a bhith, 's thug e a’ chrann bho bhàta-shiùil gus a chleachdadh mar spàrr bualaidh airson na Leòdhasaich a bhathar air cumail an grèim a shaoradh. A rèir beul-aithris na sgìre cha do dh'fhàg bàta cala Inbhir Ùige fad na seachdainneach fhad ’s a bha an t-sabaid a' leantainn.

Bha aon fhear ann a fhuair air falbh bho làmh an uachdar na lagha. B' esan duine òg, calma à Ceòs leis an ainm Rob Dòmhnallach. Rinn na poileis an dìcheall a chur an grèim, ach fhuair esan làmh an uachdar agus theich e gu Loch an Inbhir. Air a shlighe chaidh each agus cairt seachad air, le cupall òg air bòrd. Dh'fheuch Rob ri stad a chur air an dithis, ach cha stadadh iad airson an fhear-siubhail sgìth idir. An dèidh dhaibh a dhol seachad 's ann a ruith Rob as an dèidh cho luath 's a b’urrainn dha. Rug e air a' chairt, shreap e suas agus phut e an cupall òg a-mach air a' chliathaich. Dh'fhalbh na h-eich mar a’ ghaoith agus rinn iad air Loch an Inbhir - ach ma tha eòlas agaibh air eich bidh fios agaibh gur e beathaichean gu math righinn a tha annta! Cho luath 's a dh'fhàs iad sgìth 's ann a stad iad - agus cha charaicheadh na beathaichean às an àite san robh iad nan seasamh, ged a sheasadh Rob bochd air a cheann. Thàinig air an truaghan coiseachd an còrr den t-slighe a Loch an Inbhir! À sin, sheòl e a-null a Chromòr far na dh'fhuirich e gus an deach an ùpraid sìos. Nuair a shocraich cùisean anns an fhoghar, thill e dhachaigh a Cheòs - agus is e bha air a dhòigh. Cha do chosg e tìde sam bith mus robh e a’ faicinn a charaidean a-rithist agus chuir iad seachad gach oidhche san t-seachdain a' cluiche chairtean ann am mansa Cheòis còmhla ri na searbhantan.

Ach, cha robh an saorsa seo a' dol a mhaireadh. Ann an tìde nach robh fada bhris dà phoileas a-steach, chaidh glas-làimh a chur air Rob eadar an dithis aca agus rinn iad air Steòrnabhagh. Chaidh Rob bochd às a chiall. A' dol seachad air Loch na Ritheannan dh'iarr e air na poileis a leigeil às. Gu nàdarrach, dhiùlt iad - ach ma bha na h-eich a' tighinn à Loch an Inbhir fada nan cinn, bha Rob na bu righinn buileach! Rinn e às sìos chun a’ loch le poileas air gach taobh dheth agus thòisich e a' coiseachd a-mach dhan a' bhùirn. Abair sealladh! A-rithist, dh'iarr e air na poileis a leigeil bho ghrèim. A-rithist, dhìult iad. Mu dheireadh fhuair e air fear dhiubh a bhogadh fon uisge 's chùm e mar sin e gus an do dh'iarr an dà phoileas tròcair agus leig iad às e. Rinn e às na ruith agus an oidhche sin bha e air an Tairbeart a ruighinn, far an deach e air bòrd soitheach a bheireadh tarsaing gu Tìr Mòr e. À sin chaidh e sìos a Lunainn far na thòisich e ag obair leis an Cabhlach Marsanta.

Chaidh na bliadhnaichean seachad. Aon oidhche, bha Rob ann an taigh-òsta ann an Lunnainn. Bhrist sabaid a-mach agus, a-rithist, lorg Rob e fhèin na theis mheadhan. A chionn 's gun robh e cho làidir bha làmh an uachdar aige air na fir a bha na aghaidh - gus an do leum cuideigin air, gun fhios t’, bho chùlaibh. Thuirt Rob na ghuth làidir, Leòdhasach:

"Cha dèanadh duine a’ chùis ormsa ann an sabaid mar siud ach mo bhràthair, Callum."

Fhreagair a nàmhaid, le iongnadh mòr,

"An tu a th' ann, a Rob?!"

Rinn an dithis bhràthair, nach robh air a bhith còmhla bho chionn iomadach bliadhna, toileachas agus chuir iad fàilte mhòr air a chèile. Abair gun do chur an sealladh seo iongnadh air muinntir na taigh-òsta, a bha air a bhith a' coimhead na bha a' dol air adhart. Gu mì-fhortanach ’s e deireadh duilich a thàinig air Rob bochd. Chaidh a bhàthadh ann am bàgh an Abhainn Thames.

Smaoinich fhèin ge-tà - abair call ri linn ubhal agus dà bhleigeard!

 

Kinloch Society Archive

Translated by Liondsaidh NicÌomhair

 

Please take the time to complete this online survey

 Lochs Community Consultation

 


Comunn Eachdraidh na Pairc

New Web Site  www.cepairc.com

 

 

 

aline_logosml.jpg