Lochs Community Website
Home | Contact | Links

Events Calendar

March 2010
M T W T F S S
1 2 3 4 5 6 7
8 9 10 11 12 13 14
15 16 17 18 19 20 21
22 23 24 25 26 27 28
29 30 31 1 2 3 4
April 2010
M T W T F S S
2930311 2 3 4
5 6 7 8 9 10 11
12 13 14 15 16 17 18
19 20 21 22 23 24 25
26 27 28 29 30 1 2

Gallery

Title Ceol Nan Loch 2004
Image Ceol Nan Loch 2004 © Donnie Morrison
Description Storytelling
Link view
HISTORYCOMMUNITYSPORTSTOURIST INFONEWS

Most recent

Home > News > Planaichean Leasachaidh air an ainmeachadh airson coille coimhearsnachd Ath Linne.
Planaichean Leasachaidh air an ainmeachadh airson coille coimhearsnachd Ath Linne. PDF Print E-mail

Tha Urras Èireasort toilichte ainmeachadh gu bheil iad air Coille Ath Linne a cheannach, coille a tha suidhichte air gach taobh den rathad eadar Steòrnabhagh agus an Tairbeart mus ruigear Ath Linne ann an Eilean Leòdhais. Aig 625 heactair, is e a’ choille as motha ann an Alba leis a’ choimhearsnachd fhèin a bhitheas ann agus dh’fhoillsich an Urras planaichean dhan choimhearsnachd aig coinneamh ann an talla Bhail’ Ailein bho chionn ghoirid, mus deach seirbheis den toirt seachad oifigeil a chumail ann an Ath Linne. An dèidh sin chaidh taisbeanadh de phlanaichean an Urrais a dhèanamh dha na buidhnean eadar dhealaichte a bha an sàs ann a bhith a’ leasachadh a’ phròiseict chun na h-ìre seo.

Cheannaich an Urras a’ choille airson £72, 000 le taic bho mhaoin sònraichte airson fearann ann an Alba agus chaidh a thoirt seachad gu h-oifigeil le Daibhidh Jardine bho Iomairt nan Coille, am buidheann aig an robh Ath Linne bho chaidh na craobhan an cur an toiseachd ann an 1967/8.

Thuirt Dòmhnall Moireasdan, cathraiche fo-bhuidheann Choille Ath Linne, “Tha sinn anabarrach fhèin toilichte gu bheil sinn air a’ choille fhaighinn às leth a’ choimhearsnachd ionadail. Is e uallach mòr a tha ann ach tha mi den bharail gum bi a h-uile duine a tha an sàs ann air leth toilichte le ar planaichean leasachaidh. Thathar air cuir a-steach mar thà airson maoineachaidh gus am faighear air craobhan ùra a chur agus cuid de na craobhan mharbh a thoirt air falbh agus tha sinn cuideachd air ìre adhartach a ruighinn le planaichean gus camara-lìn a steidheachadh a bheir cothrom don phobaill na beathaichean ’s na h-eòin sa choille fhaicinn. Tha plana 10 bliadhna againn, a’ gabhail a-steach grunn de na molaidhean a chaidh an comharrachadh aig ìre a cho-chomhairleachaidh. Am measg nam planaichean as motha thathar an dùil leasachadh a dhèanamh air ionad marcaiche ùr, frith-rathaidean airson baidhsagalan-mòintich, frith-rathaidean do teaghlaichean airson rothaireachd agus coiseachd, àite coiseachd timcheall aon de na lochan agus tha e eadhon san amhairc bothanan fuirich fiodha de dh’ìre àrd a thogail a-staigh anns a’ choille”.

A chionn ’s gu bheil a’ choille suidhichte air an t-slighe a tha a’ dol sìos cnàimh-droma nan eilean tha e furasta do mhuinntir Leòdhais agus na Hearadh faighinn thuice, ach tha i cuideachd ann an àite math airson luchd-turais a thàladh chun an raon measgaichte de ghoireasan, cuid ac’ a bhitheas rim faotainn anns na h-Eileanan Siar airson a’ chiad uair.

Dealbh. An coimhearsnachd cruinn airson seirbheis an toirt seachad oifigeil den choille.

Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mun phròiseact seo bho:

KR MacAoidh

Co-òrdanaiche Coimhearsnachd

Oifis Leasachaidh

Cearsiadar

Na Lochan

Àireamh Fòn - 01851 880296

Àireamh fòn-làimhe - 07748422152

Post dealain - Kenny@erisort.org

 

Cathraiche Urras Èireasort - Aonghas D McDowall

Cathraiche fo-bhuidheann Ath Linne - Donaidh Moireasdan

 

 

 

Image
Luchd-stiùiridh Urras Èireasort

 

This site has been commissioned and maintained by Iomairt Aig An Oir Lochs and administered by The Erisort Trust.

 

HTTP Exception: 1 HTTP Transport Error - Unable to establish connection to host

Comunn Eachdraidh na Pairc

New Web Site  www.cepairc.com