Lochs Community Website
Home | Contact | Links

Events Calendar

October 2008
M T W T F S S
29301 2 3 4 5
6 7 8 9 10 11 12
13 14 15 16 17 18 19
20 21 22 23 24 25 26
27 28 29 30 31 1 2
November 2008
M T W T F S S
27282930311 2
3 4 5 6 7 8 9
10 11 12 13 14 15 16
17 18 19 20 21 22 23
24 25 26 27 28 29 30

Gallery

Title Sheep Category...
Image Sheep Category Winner © D Morrison
Description A Maciver category winner.
Link view
HISTORYCOMMUNITYSPORTSTOURIST INFONEWS

Most recent

Home > History > 'Silver Darlings'Loch Čireasort
'Silver Darlings'Loch Čireasort PDF Print E-mail

’S ann glè ainneamh an-diugh a chìthear bàtaichean iasgaich a’ tilleadh dhachaigh ’s iad a’ cur thairis le bucais loma làn sgadan. Tha e duilich sgadan a ghlacadh ann an Loch Èireasort, neo eadhon ‘s a’ Chuan Sgìth, san latha an-diugh. Ach, ann an 1927 thachair mìorbhail iongantach ann an sgìre nan Loch a dh’fhàg Loch Èireasort a’ goil le sgadain ‘s na cladaichean air an còmhdach le na ‘silver darlings’.

Ann an grunn de na bailtean mu thimcheall an loch, is e na cait a thug an aire an toiseach gu robh rudeigin neo-àbhaisteach a’ gabhail àite air a’ chladach, dha neo trì shlatan air falbh bho na taighean. Ann an Lacasaigh bha Eachainn Dòmhnallach, ‘Eachain ‘an Eachain’ na shuidhe ris an teine ann an taigh-dubh athair-chèile a’ leughadh a’ Bhìobaill. Bha a’ chlann nan suain sa leabaidh agus ‘s ann a’ feitheamh ri bhean tilleadh às an eaglais a bha esan nuair a chunnaic e an cat a’ ruith tron doras fosgailte agus a’ dèanamh a-steach fon leabaidh. An dèidh dha seo tachairt trì turais shaoil Eachainn gum b’ fheàrr dha sùil a thoirt dè bha a’ dol air adhart. Is e a ghabh an iongantas nuair a lorg e trì sgadain beò a’ bualadh an earbaill fo leabaidh! Abair gu robh e mì-fhoighidneach cuideachd a’ feitheamh ri bhean tilleadh dhachaigh, gus am faigheadh e fhèin a-mach a rannsachadh dè bha tachairt.

Nuair a ràinig e a’ chladach chur na lorg e iongnadh air fhèin agus air an sgìre air fad. Bha an t-àite a’ cur thairis le sgadain. Rinn Eachainn às air ais suas a’ lot, a dh’innse do mhuinntir a’ bhaile mu na chunnaic e. Aon uair ‘s gu robh meadhan oidhche air a dhol seachad, thòisich na fir a’ deasachadh na linn-sgadain aca agus b’e sin a chomharraich toiseach ùine iasgaich anabarrach math.

Aig an aon àm, san ath bhaile ann am Bail’ Ailein, bha Eachainn MacAmhlaigh, a bha 16 aig an àm, a’ cèilidh an ath dhoras dha far an robh sean is òg air cruinneachadh còmhla. Bha an lachanaich a bha a’ tighinn bho bhroinn an taighe ri chluinntinn a-muigh air an rathad, ’s na bodaich a’ cumail an òigridh air an dòigh len cuid sgeulachdan. A’ suidhe ann am meadhan an làr san taigh-dubh, bha e aig amannan gu math duilich sùil a chumail air an fhear a bha ag innse na sgeòil leis a’ cheò tiugh a bha ag èirigh bhon teine mòr a bha ann am meadhan an làr. Gu h-obann agus gun rabhadh sam bith ’s ann a nochd nàbaidh dhaibh anns an doras, ag innse gu robh an sgadan a’ tighinn gu tìr. Thuirt Eachainn:

“Rinn na fir gu lèir air a’ chladach. Bha aon fhear ann, a bhiodh an còmhnaidh ag iarraidh a bhith na cheannard air a h-uile duin’ eile, agus dh’fhalbh e na ruith air thoiseach oirnn. Aona mhionaid bha e air ar beulaibh, agus an ath mhionaid chaidh na casan aige an àirde dhan adhar ‘s e air tuiteam air sgait a bh’air a thighinn gu tìr! Bha a’ sgadan air a bhith na bhalla cho tiugh anns an loch ’s gun deach na h-èisg gu lèir a bhruthadh a-mach air a’ chladach. Bha càrn sgadan cho àrd air aon de na creagan sa loch ’s gu robh e coltach ri goc fheòir nuair a chaidh an làn a-mach. Dheidhinn sìos chun a’ chladaich a h-uile madainn le peile a chruinneachadh iasg airson an latha”.

Bha an t-àite a’ cur thairis.

Tha cuimhne mhath aig Isa NicAmhlaigh air cuideachd, ged a bha i na nighean òg aig an àm:

“Bha a’ chladach làn sgadan shìos aig a’ Phol Gorm. Bha iad air a thighinn a-steach leis an làn. Feadh na h-oidhche shaoileadh tu gun deach solais-sràide a chur an àirde ann an Loch Èireasort, leis mar a bha na bàtaichean mòra iasgaich nan sreath ri taobh a chèile. Thàinig na bàtaichean a-steach bhon a’ chost an ear agus bha na ceannaichean air a thighinn a-null à Steòrnabhagh. Bha a’ mhuir a’ goil le sgadan.”

Tha iomadach argamaid air a bhith ann bho thòisich daoine a’ feuchainn ri mìneachadh a dhèanamh air tachartasan neo-àbhaistich 1927. Bha cuid den bheachd gu robh stailc guail tron bhliadhna air bacadh a chur air na bàtaichean iasgaich bho bhith a’ faighinn gu muir agus dh’fhàg sin slighe fhosgailte a-steach dha na lochan aig na sgaothan èisg. Bha daoine nas spioradail den bheachd gur e Freasdal a bh’ann, gnìomhach aig àm gu math cruaidh ann an eachdraidh an Eilean. As bith dè a dh’adhbharaich e, thachair an aona seòrsa rud a-rithist an ceann fichead bliadhna, ach aig ìre nas lugha na chunnaicear sna 20an.

An-diugh tha tràlairean bho ar dùthaich fhèin agus cuideachd à dùthchannan eile a’ nochdadh agus a’ glanadh a-mach ar stòras èisg agus mar sin chan eil e coltach gu faicear an aon shealladh mìorbhailteach ud a-rithist – sa cheàrnaidh seo den t-saoghal co-dhiù!

 

Comunn Eachdraidh Ceann a Loch

This site has been commissioned and maintained by Iomairt Aig An Oir Lochs and administered by The Erisort Trust.

 

To advertise here contact The Erisort Trust on 01851 880296

aline_logosml.jpg

Advertisement

To include your community information or article of interest on this site please contact The Erisort Trust on 880 296 or e-mail content to katherine@erisort.org